|
An Latha Airson Cuimhneachadh
Anns an stòiridh seo tha mi a' dol a sgrìobhadh mu dheidhinn am program telebhisean "Monarch of the Glen".
Tha am prògram seo air a fiolmadh mu chuairt air Bàideanach is Srath Spè anns a' Ghaidhealtachd.
Tha am program air a bhith ann airson còig bliadhnaichean agus tha tòrr dhaoine bho na bailtean air a
bhith ann mar luchd-taic. Tha a' mhòr-chuid den phrògram air fiolmadh ann an Lagan, mu chuairt air
Oighreachd àrd Mheirgidh, agus ann an taigh àrd Mheirgidh. cuideachd, tha pìosan den phrògram
air fiolmadh mu chuairt Bail' Ùr an t-Slèibh, Cinn a' Ghiùthsaich agus Dail Chuinnidh.
Nuair a bha mi ochd no naoi, nuair a bha am prògram dìreach air tòiseachadh, bha feum agam dol suas gu
port-adhair Inbhir Nis leis an antaidh agam a bhith nam luchd-taic. Nuair a ràinig sinn am port-adhair, bha feum gach
sealladh a dhèanamh a-rithist agus a-rithist, gus an d'fhuair na h-actairean an rud ceart. Mu dheireadh b' e an turas
agamsa agus an caraid agam airson dol air beulaibh a' chamara. Bha feum againn coiseachd air beulaibh a' chamara dhà no
trì tursan, agus a shuidhe aig bòrd ri taobh Alasdair MacCoinnich agus nighean eile. As dèidh dhuinn sin a
dhèanamh, fhuair sinn ar pàigheadh agus chaidh sinn dhachaigh.
Nuair a thàinig am prògram air an telebhisean, bha a h-uile duine nan suidhe mu chuairt an TV a' fuireach airson
mise fhaicinn, agus nuair a bha e a' tighinn suas chun a' phìos anns an robh mise, bha thu dìreach a' faicinn 'blur'
de mi fhèin agus an duine eile a' dol air beulaibh a' chamara agus mar pìos beag den druim agam a' suidhe aig bòrd!
Is toigh leam am prògram a chionn 's gu bheil e air a fiolmadh mu chuairt air an taigh agam agus tha m' athair ag obair
air a shon a' dèanamh solais a chionn ‘s gu bheil e na fhear-dealan. Aon turas fhuair mi a-steach gu rùm na props
agus chunnaic mi ciamar a tha am prògram air a dhèanamh - mar sin cha robh cùisean cho dona.
Calum
2TR
àrd-sgoil Chinn a' Ghiùthsaich
|
Join us on: