Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd


Co-fharpais Sgrìobhaidh Nèill Ghunnaich, 2007 (2)


Co-fharpais Sgrìobhaidh Nèill Ghunnaich, 2007 (2)

lorg nithean co-cheangailte ris

Cleachd na ceangalan gu h-ìseal gus nithean co-cheangailte ris a lorg

AINM-ÀITE: Gallaibh
LINN: 2000an
SIORRACHD/PARAISTE: CATAIBH:
TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Neil Gunn Writing Competition (video)
DEALBHADAIR: John McNaught
DEIT BHO THÙS: 2007
location map

Coimhead a' Bhidio seo

Priont an
duilleag seo

Cuir post-dealain
gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr


Chaidh a' bhidio seo a dhèanamh le cuideachadh bho Bhun-sgoil Phort Rìgh a' comharrachadh na chaidh a sgrìobhadh airson Farpais Sgrìobhaidh Nèill Ghuinne 2007. Seo pàirt a dhà de dhà.

Chaidh an fharpais a chur air chois an toiseach ann an 1988 le Comhairle Sgìreil Rois is Chrombaidh mar a bh' ann an uair sin gus sgrìobhadh cruthachail a bhrosnachadh. Lean Comhairle na Gàidhealtachd oirre leis an fharpais agus tha i a-nis air càil cho cudromach 's a tha a' dol ann Litreachas na h-Alba. Tha an fharpais an asgaidh.

Chaidh cuid dhe na bhuannaich roimhe, mar Bess Ross agus Michel Faber, air adhart gu bhith nan sàr sgrìobhadairean agus tha ùidh aig mòran an-diugh san obair aca.

'S e Seirbheis Leabharlainn Chomhairle na Gàidhealtachd a tha a' cur na farpais air dòigh còmhla ri Urras Cuimhneachaidh Nèill Ghuinne. Seo an aon fharpais ann an Alba a tha fosgailte dha gach aois agus tha air a brosnachadh le ùghdarras ionadail.

Thugadh seachad na duaisean airson Farpais Sgrìobhaidh Nèill Ghuinne 2007 air 2ra Dàmhair ann am Pàilliun Srath Pheofhair. B' e an fheadhainn a bhuannaich:

Rosg nan Inbheach

A' chiad àite: Ann Morrison, An Luirg
An dara àite: Douglas Thomson, Glaschu

Bàrdachd nan Inbheach - sianar co-ionann
Christian Gudgeon, Geàrrloch
Moira Duncan, Inbhir Nis
Morag Morrison MacIver, Brùra
Jane Verburg, Cromba
Ian McDonough, Dùn Èideann
Paul Heinowski, Inbhir Nis

Àrd-sgoil
A' chiad àite: Alistair Coghill, Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa
An dara àite co-ionann: Ailsa Quirie, Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa
Beth Appleby, Acadamaidh Allt a' Mhuilinn, Inbhir Nis

Bun-sgoil

A' chiad àite: Jessica Young, Bun-sgoil Thaigh an Fhasaidh
An dara àite: Peter Dymond, Bun-sgoil Canisbay (a-nis ann an Àrd-sgoil Inbhir Ùige)


ÀIREAMH AITHNE: QZP40_NEILGUNN07_VID01




Faigh a-mach tuilleadh mu Urras Neil Gunn

Cuimhnich gur e dealbh Flash a tha seo. Feumaidh tu plugan dhan bhrobhsair a bheir taic do dhreach 8 air a' char as tràithe. Faodaidh tu plugan a luchdachadh a-nuas an seo.


Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Co-fharpais Sgrìobhaidh Nèill Ghunnaich, 2007 (1)

Co-fharpais Sgrìobhaidh Nèill Ghunnaich, 2007 (1)

Co-fharpais Sgrìobhaidh Nèill Ghunnaich, 2007 (2)

Co-fharpais Sgrìobhaidh Nèill Ghunnaich, 2007 (2)





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village