Am Baile logo Back to the Main site
Image

Ceiltich, Cruithnich, Lochlannaich

2. Clach Baile a' Chnuic

priont an duilleag seo

Clach Baile a' Chnuic

Tha tursachan Cruithneach nan nàdar de dhìomhaireachd. 'S dòcha gu bheil ciall nan samhlaidhean Cruithneach co-cheangailte ri creideamh no ri faoin-sgeòil. Ach, seach gu bheil na samhlaidhean glè thric ann am pàidhirichean, 's dòcha gu robh iad co-cheangailte ri teaghlaichean. Tha na trì as fheàrr dhen t-seòra seo air Rubha Thairbeirt air Machair Rois. Nam measg tha an tè seo ann am Baile a' Chnuic.

Mean air mhean, eadar 600 agus 800 AD, chaidh a' mhòr-chuid dhe na Cruithnich iompachadh gu bhith nan Crìosdaidhean. Bha na Cruithnich ainmeil airson chlachan snaidhte agus b' ann aig an àm seo a chaidh an dèanamh. 'S e clach Chruithneach a tha sa chrois-leac ann am Baile a' Chnuic ann an Cathabul. Tha i seo air a meas mar phrìomh obair ealain bhon 8mh agus an 9mh linn. Tha i air a sgeadachadh le samhlaidhean Cruithneach agus moitifean Crìosdail.

Tha lann dhùbailte agus slat-Z os cionn corran agus slat-v agus dà lann air a' phannal mhullaich. Tha buidheann mharcaichean air a' phannal sa mheadhan; 's e boireannach air dìollaid chliathaich a' marcachd ri taobh cuideigin eile a th' anns an t-sealladh seo. Tha sgàthan agus cèis cìre rin taobh. Tha deilbh shnìomhanach air a' phannal gu h-ìseal agus tha deilbh stuaidh a' dol suas aghaidh na cloiche air an dà thaobh

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Dè tha na marcaichean san t-sealladh air a' phannal sa mheadhan a' dèanamh?
  2. Saoil càit' am faiceadh tu deilbh mar seo gan cleachdadh an-diugh?
3. Clach An Neag