Tha a' chlach seo ann An Neag, baile beag a tha dìreach trì mìle deas air Baile a' Chnuic. Tha i air a snaidheadh air an dà thaobh agus tha an sgeadachadh coltach ri na croisean ann an Ì on 8mh linn agus ris an obair ealain ann an Leabhar Cheannanais. Tha na gràbhail a' sealltainn cuid de sgeulachdan a' Bhìobaill a bharrachd air mòran dhe na seann shamhlaidhean Cruithneach.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Ainmich trì beathaichean a chì thu air a' chloich.
- Tha inneal-ciùil aig an neach sa mheadhan. Dè an t-inneal a th' ann?
- Càit' eile am faic thu sgeadachadh coltach ris an seo?
- Bhon fhianais air an dà chloich - aig An Neag agus ann am Baile a' Chnuic - dè thèid agad air a ràdh mu dhòigh-beatha nan Cruithneach?


