Chaidh mòran phìosan de mheatailt a lorg ann an Raoghard ann an Cataibh san 19mh linn agus tha am bràiste airgid seo air fear dhiubh. Chaidh am bràiste a dhèanamh san 8mh linn agus tha e faisg air a bhith cruinn. Air gach ceann agus air a' mhullach tha ceann eòin. Chithear seo nas soilleire anns an oisean gu h-àrd air an làimh chlì dhen dealbh. Tha an fhàinne agus am prìne air an sgeadachadh le snaimeannan Ceilteach.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Am faic thu seudradh mar seo san latha an-diugh? Dèan sgeidse dheth.
- Dè tha ag ràdh rinn gur mathaide gun deach am bràiste a dhèanamh mun aon àm 's a chaidh na clachan aig An Neag agus ann am Baile a' Chnuic a shnaidheadh no gun robh an aon eachdraidh aig an luchd-ealain?


