'Se seòmar adhlacaidh nuadh-chreagach air tìr-mòr Arcaibh a th'ann am Maeshowe. Tha croislin no trast-thomhas de 115troigh (35m) aig bonn a' chnocain agus tha còrr is 24troigh (7m) a dh'àirde ann. Chaidh a thogail ro 2700 RC agus tha e air a dhèanamh de leacan cloiche. Tha suas ri 30 tonna a chuideam ann an cuid dhiubh. Tha e air carragh ro-eachdraidheil cho iongantach 's a tha san Roinn Eòrpa. Tha e a cheart cho cudromach ri Stonehenge agus tursachan Chalanais.
Chan eil e soilleir carson a bha an tuam seo. Cha deach a lorg ach beagan fuighill de chnàmhan nuair a chaidh an làrach a chladhach. Dh'fhaodadh gur e seòrsa de mhìosachan a bh' ann a rèir co-thaobhadh na tuama. Aig laighe na grèine Là Leth a' Gheamhraidh, tha an solas a' boillsgeadh a-steach air an trannsa agus a' deàrrsadh air pìos den bhalla cùil. Seach gun robh iad a' fuireach cho fada gu tuath, bhiodh e gu math cudromach gum biodh fios aig daoine cuine a bhiodh na làithean a' fàs na b' fhaide a-rithist.
Bha greis ann nuair nach robh Maeshowe air a chleachdadh, ach dh'fhosgail na Lochlannaich a-rithist e anns an 12mh linn. Tha an sgrìobhadh rannach a th' air a shnaidheadh sa bhalla na fhianais air an seo. Am measg na th' air na ballachan, tha 'shnaidh Ottarfila na rannan seo' is 'shnaidh Haermund Hardaxe na rannan seo' sgrìobhte. Tha cuid de dhaoine a' co-dhùnadh o na dealbhan gu robh ionmhas anns a' chnocan ach gun do dh'fhalbh na Lochlannaich leis. Thug turas nan Lochlannach air a' mhullach tuiteam a-steach is cha deach an cnocan fhosgladh a-rithist chun an 19mh linn.
Leugh an teacsa agus an uair sin freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Cia mheud bliadhna a tha Maeshowe air a bhith na sheasamh? (Bi faiceallach)
- Dè tha cho annasach mun togalach fhèin?
- Tha e ag ràdh gur e seòmar-adhlacaidh bho Linn na Cloiche (An Linn Nuadh-chreagach) a bh' ann. Dè tha a' sealltainn gur dòcha nach e seòmar-tìodhlacaidh a bh' ann idir?
- Ciamar a bha am mìosachan ag obrachadh? (caran mòr airson a' bhalla!)
- Ciamar a tha fios againn gun do thadhail na Lochlannaich air?


