Tha Bàgh Freis Uige air cladach an ear Ghallaibh, 4 mìle deas air Rubha Dhùn Gasbaith. Thog Uilleam Mac na Ceàrdaich Taigh Freis Uige ann an 1760. Faisg air Taigh Freis Uige tha Caisteal Lambaborg a thog an Lochlannach Swein Asleifson timcheall air 1140. Tha an caisteal air creig agus 's e an aon dòigh air faighinn thuige, a dhol tarsainn air pìos talmhainn a tha 4 troighean a leud agus tha am muir 100 troigh fodha air gach taobh. Fhuair an teaghhlach Mowat Caisteal Lambaborg agus talamh Freis Uige bho Raibeart Brus. Thug iad an t-ainm Bun Choille air a' chaisteal agus bha e ann an teaghlach nam Mowats gu 1661 nuair a chaidh an togalach bho fheum.
Leugh an teacsa agus an uair sin freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
-
Tagh an dà sheantans a tha ceart :-
- B' iad na Lochlannaich a' chiad dhaoine a thog caisteal air a' chreig seo ris a' chladach.
- Thog na Lochlannaich Taigh Freis Uige ann an 1760.
- Bha buaidh nan Lochlannach air crìonadh mus tug Raibeart Brus am fearann dha na Mowats.
- Bha Raibeart Brus a' fuireach ann an Taigh Freis Uige nuair a chunnaic e an damhan-allaidh.


