Am Baile logo Back to the Main site
Image

Ceiltich, Cruithnich, Lochlannaich

7. Ainmean-àite

priont an duilleag seo

Peighinn Meadhanach agus Ainmean Àite

Tha ainmean àite gar cuideachadh gu bhith ag ionnsachadh mu phàtarain tuineachaidh dhaoine mar na Ceiltich agus na Lochlannaich.

Bha aub a' ciallachadh 'uisge na beatha, naomhachd' dha na daoine a bha a' fuireach ann am bailtean Linn an Umha o chionn 4,000 bliadhna. Tha an eilimeid seo fhathast againn ann an abhainn (Avon).

Bha na Ceiltich measail air a bhith a' sealg nan torc agus ch́ sinn sin san ainm Chruithneach Air-cardden (Urchardain) - aig an doire.

Nuair a thàinig na Gàidheil à Èirinn, thug iad leotha ainmean Gàidhlig mar Achadh na seileach (Achnashellach) Achadh na Sian (Achnasheen) - 'sian' = gaoth is uisge, Druim a' choirc (Drumchork). Tha obraichean cuideachd a' nochdadh: Baile-gobhainn (Balgowan); Achadh na Cairidh (Achnacarry) 'cairidh' = àite sam biodh iasg ga ghlacadh. Tha craobhan, lusan is beathaichean cumanta: Beinn Damh; Creag na h-Iolaire. Ch́ sinn na slighean a ghabh miseanairidhean Ceilteach bho ainmean mar Loch Maruibhe, a tha air ainmeachadh air a' mhiseanairidh Ceilteach, Maolrubha, a bha a' fuireach air a' Chomraich.

Thuinich na Lochlannaich air an taobh an iar agus sa cheann a tuath agus tha ainmean Lochlannach air feadh na sǵre. Smaoinich air na th' ann de dh'ainmean Lochlannach anns na h-Eileanan Siar (Sgalpaigh, Miùnlaigh, Tairbeart), anns an Eilean Sgitheanach (Tṛndairnis, Bhatarnais, Ratharsair) agus air taobh siar Rois (Diabaig, Śldeag, Eàrradal).

Glè thric, bidh na h-ainmean Gàidhlig agus Lochlannach a' dol an lùib a chèile. 'S e baile air a thrèigsinn air rubha Àird Nis a th' ann am Peighinn Meadhanach. Tha an rubha ann an Caolas Arasaig, eadar Loch nan Uamh is Loch Ailleart. Chan eil dad ach bothan a tha luchd-coiseachd a' cleachdadh air fhàgail den bhaile.

Tha an t-ainm Peighinn Meadhanach a' sealltainn mar a bha na Lochlannaich a' roinn an fhearainn. B' e fearann ṃr a bhathar den bheachd a bheireadh toradh gus unnsa airgid airson màl a bh' ann an t́r-unga. Bha fichead peighinn, no tuathanas, air gach t́r-unga. Tha an dara pàirt den ainm on Ghàidhlig 'meadhan'

Leugh an teacsa agus an uair sin freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1.  
    1. Cleachd na sanasan gu h-́seal agus obraich a-mach dè na faclan Gàidhlig on tàinig na h-ainmean seo.
      1. Blairmore
      2. Kingussie
      3. Balbeggie
    2. Cleachd an teacsa agus na sanasan gu h-́seal no faclair airson ciall nan ainmean seo obrachadh a-mach.
      1. Drumnadrochit
      2. Kinlochdamph
      Faclan cuideachaidh:
      ceannmòrgiuthasdrochaidblar
      beagbaileathdamhdruim
  2. Cleachd na sanasan sa bhogsa agus obraich a-mach dè tha na h-ainmean seo, a thàinig bho fhaclan Lochlannach, a' ciallachadh.
    1. Laxford
    2. Shieldaig
    3. Dingwall
    Facal Lochlannach ciall
    lax bradan
    vollr àite
    fiord loch
    sild sgadan
    thing pàrlamaid
    vik bàgh
  3. Ḿnich ciamar a fhuair Peighinn Meadhanach an t-ainm.