Na Fuadaichean
Ro-ràdh
Cha do thachair mòran ann an eachdraidh a thug buaidh cho mòr air dòigh-beatha agus cultar na Gàidhealtachd 's a thug na Fuadaichean. Ri linn call Chùil Lodair agus mar a chaidh Ar-a-mach nan Seumasach a chur sìos bhris siostam a' chinnidh. Chaidh an dàimh a bha uair a' cumail ceann-cinnidh agus fir-cinnidh còmhla a bhriseadh. Cha robh am fearann tuilleadh air a ghleidheadh gu coitcheann, ach bha e a-nis na bhathar a bhiodh air a cheannach 's air a reic airson prothaid. Air sgàth seo thionndaidh mòran de na h-uachdarain gu tuathanasan chaorach agus chaidh sluagh nan gleann a sguabadh às gus àite a dhèanamh dhaibh.
Tha buil nam Fuadaichean ri fhaicinn fhathast ann an tobhtaichean nan àiridhean anns na glinn, agus ri chluinntinn ann am bàrdachd agus òrain Ghàidhlig. Tha iad a' cur an dreach fhathast fiù 's air poileataigs na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Tha deasbad làidir fhathast a' dol a thaobh nam Fuadaichean. An robh gach uachdaran an-iochdmhòr? An robh pàirt aig dùmhlachd-sluaigh agus goirt anns a' chùis? An tàinig buannachd sam bith às an fhulangas? 'S e a-mhàin na stòran a tha air fhàgail againn bhon àm dhorcha sin ann an eachdraidh na Gàidhealtachd a chuidicheas gus an fhìrinn fhuasgladh.
Clàr-ìnnse
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.
- Rannsaich na fuadaichean
- Luchdaich a-nuas duilleagan-obrach - tagh pdf no word
- Luchdaich a-nuas freagairtean
- Tuilleadh stuthan co-cheangailte ris
RANNSAICH CUSPAIREAN EILE
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

