Am Baile logo Back to the Main site
Image

Na Fuadaichean

3. Diùc Chataibh

priont an duilleag seo

Tha an dealbh seo bho 'Memoir of George Granville, late Duke of Sutherland, KG', le Seumas Loch

Aithisg gu am Board of Supervision on the Western Highlands and Islands

Bha Seòras Granville Leveson-Gower (1758-1833) bho theaghlach ainmeil Sasannach. Bha e na Bhall Pàrlamaid o 1778-1784 is 1787-1798, is b' e Tosgaire Bhreatainn ann am Paris o 1790 gu 1790. Ach, tha e air a chuimhneachadh airson rud fada nas miosa sa Ghàidhealtachd.

Phòs e Ealasaid, Ban-diùc Chataibh, ann an 1785. Chuir staid nan daoine ann an leth a-staigh Chataibh uabhas air, is bha e den bheachd nach beathaicheadh am fearann iad ro fhada. Thòisich e a' cur mhìltean de theaghlaichean Chataibh chun a' chladaich gus rùm a dhèanamh san leth a-staigh do chaoraich. Bha bàillidhean an Diùc neo-thruacanta san obair aca, a' losgadh iomadh taigh is a' cleachdadh cumhachd bhrùideil gus daoine a ghluasad. B' e fuadaichean Chataibh an fheadhainn a bu mhiosa de dh'fhuadaichean na Gàidhealtachd san 19mh linn.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas..

Ceistean

  1. Carson a rinn Diùc Chataibh co-dhùnadh na daoine a shuidheachadh às ùr air an oirthir?
  2. Carson a bha mì-chliù cho mòr aig fuadaichean Chataibh?
4. Aithisg Shir Iain MhicNèill -1851