Aithisg gu am Board of Supervision on the Western Highlands and Islands le Sir Iain MacNèill, air 7 Iuchar 1851. Tharraing e na co-dhùnaidhean aige bho aithrisean a thugadh dha le mòran dhaoine eadar-dhealaichte bho air feadh na Gàidhealtachd an Iar agus nan Eilean.
Eadar 1850 is 1851, chaidh Sir Iain MacNèill gu paraistean Taobh Siar na Gàidhealtachd is nan Eilean a chum measadh a dhèanamh air an àmhghair a dh'adhbharaich fàillingeadh a' bhàrr is gaiseadh a' bhuntàta.
Bha cus dhaoine anns an sgìre, a rèir Sir Iain. Anns a' mhòr-chuid de dh'àitichean bha am fearann air ath-roinn cho tric is an sluagh cho mòr 's nach biodh gu leòr bìdh ann ach airson leth na bliadhna nam biodh am fearann cho torach 's a b' urrainn. Dh'fheumadh na daoine mòran taic airgid airson fuireach an sin.
Cho-dhùin e gur e tròcair a bh' ann cuideachadh a thoirt do na bha acrach is gun obair a chum eilthireachd a dhèanamh.
Nuair a chuala daoine aithrisean fàbharach o thall thairis is nach biodh airgead-faochaidh gu leòr airson an cumail beò far an robh iad, thòisich iad ag iarraidh airgead on riaghaltas gus an deaghadh iad air eilthireachd. B' e deagh fhuasgladh a bh' ann an seo airson uachdarain cuideachd oir, fo Achd Lagh nam Bochd an Alba, bha aca ri airgead-faochaidh nam bochd a phàigheadh dha na màladairean aca.
Thuirt Sir Iain nach robh e a' smaoineachadh gun robh feum air mìltean de dhaoine a ghluasad is caoraich a chur nan àite anns a h-uile sgìre. Thuirt e gun robh cuid de sgìrean freagarrach airson thuathanasan mòra, ach anns a' mhòr-chuid de sgìrean gum biodh e a cheart cho math mòran den t-sluagh a chumail is tuathanasan an ìre mhath mòr - mòr gu leòr airson a bhith beò orra - a thoirt dhaibh le màl cothromach.
A bharrachd air an seo, thuirt e gun robh feum air ath-leasachadh air foghlam, is nach robh còir aige a bhith ann an leughadh, sgrìobhadh is cunntas a-mhàin. Bu chòir foghlam ann an àiteachas is làimhseachadh sprèidh a bhith ann cuideachd.
Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Dè bha air àmhghair cho mòr adhbharachadh air Ghàidhealtachd?
-
Carson a bha eilthireachd air fhaicinn mar dheagh fhuasgladh do:-
- an t-uachdaran
- an sluagh
- Dè am fianais a th' ann nach b' e an talamh fhalamhachadh airson chaorach an dòigh a b' fheàrr air gluasad air adhart?
- Dè eile bha Sir Iain a' smaoineachadh a bu chòir a bhith air a theagasg?
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
- Coimhead air clàr àireamh sluaigh paraistean na Gàidhealtachd eadar 1755 agus 1851. Cuir crìoch air a' chlàr gu h-ìseal.
Paraiste Àireamh sluaigh 1755 Àireamh sluaigh 1851 Geàrrloch (Siorrachd Rois) Barbhas (Leòdhas) Na Hearadh - Dè an ìre gu robh Sir Iain ceart na cho-dhùnadh gu robh "...cus dhaoine anns an sgìre"?
- Carson a bu chòir suim a ghabhail anns an stòras seo?


