Am Baile logo Back to the Main site
Image

Na Fuadaichean

5. Ulbha - dòigh-beatha

priont an duilleag seo

Uaimh air Eilean Ulbha an dealbh air a thoirt à 'Remarks on Local Scenery and Manners in Scotland' vol.1 le Iain Stoddart nuair a thadhail an t-ùghdar air Ulbha.

Uaimh air Eilean Ulbha

Tha Ulbha dìreach far taobh an iar Mhuile. Tràth anns na 1800an bha Ulbha an ìre mhath beairteach le còrr is 600 de shluagh. Bha seo air sgàth gnìomhachas na ceilpe, ag obrachadh na ceilpe airson a cleachdadh ann an glainne agus siabann. Bha saothair mhòr an luib obair na ceilpe. Ach thuit àireamh an t-sluaigh gu mòr mu 1850 ri linn gnìomhachas na ceilpe a' dol à bith, gaiseadh a' bhuntàta, agus fuadaichean borba gus nach robh ann ach na bu lugha na 30 duine. Bha an Seanala! ir Lachlann MacGuaire à Ulbha na Riaghladair air New South Wales ann an Astràilia bho 1810 gu 1821.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Ciamar a bha ceilp air a chur gu feum?
  2. Thoir trì adhbharan airson gun do thuit àireamh an t-sluaigh bho 600 gu nas lugha na 30.
  3. Dè am fianais a th' ann gum faodadh na h-eilthirich Ghàidhealach dèanamh fìor mhath thall thairis?
6. Beagan mu eilthireachd