Am Baile logo Back to the Main site

Croitearachd

Ro-ràdh

Fàs croitearachd

Nuair a chaidh tuathanachas chaorach a thoirt a-staigh, chaidh a' mhòr-chuid dhen t-sluagh fhuadach dhan oirthir far an tug an t-uachdaran dhaibh lotan beaga fearainn no croitean air màl bliadhna. Gu tric bhiodh am fearann truagh agus na croitean beag. Dh'fheumadh na croitearan obair eile a ghabhail os làimh, m.e. ann an gnìomhachas na ceilp no an iasgaich, gus bith-beò a dhèanamh.

A' chroit

'S e bh' anns a' chroit ach pìos beag fearainn air mhàl air an deach taigh dubh le tughadh a thogail. Bhiodh mart no dhà, cearcan, agus beagan chaorach air an cumail. Bhiodh coirce agus buntàta air am fàs air talamh air a mhathachadh le feamainn, innear, agus seann tughadh bhon mhullach. Bha mòine air a buain 's air a tiormachadh airson connadh. Bha cothrom aig gach croitear air an fheurach choitcheann airson an cuid chruidh agus chaorach.

An t-srì airson còir-gabhaltais

Ach cha robh còir-gabhaltais aig croitearan. Cha robh sealbh aca air an fhearann a bha iad ag obrachadh agus dh'fhaodadh am màl a dhol suas aig àm sam bith. Nas miosa buileach, dh'fhaodadh an t-uachdaran am fuadach às nuair a thogradh e fhèin. Thòisich croitearan air gearan a dhèanamh agus tagradh a dhèanamh airson chòraichean laghail air an fhearann.

Achd nan Croitearan 1886

Ann an 1883 chuir an Riaghaltas air bhonn Coimisean Rannsachaidh Rìoghail air Staid Croitearachd, 's e sin Aithisg Napier. An dèidh Aithisg Napier chaidh Coimisean nan Croitearan a chur air bhonn a dhèanamh cinnteach gum faigheadh croitearan còir-gabhaltais, màl cothromach, agus dìoladh mu choinneamh call fearainn.

Bailtean croitearachd an latha an-diugh

'S gann gu bheil sgeul air taighean dubha traidiseanta, ach nan àite tha taighean dà-làir air an togail gu làidir no taighean aon-làir. Tha innealradh beag airson thuathanasan a-nis air a chleachdadh gu bitheanta. Tha e an urra ri Comataidh Ionaltraidh ionadail coimhead an dèidh an fheuraich choitchinn agus dèanamh cinnteach gu bheil na croitearan uile a' cumail ri na riaghailtean.

Clàr-ìnnse

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

RANNSAICH CUSPAIREAN EILE

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

Main picture