Chaidh an dealbh seo a thogail bho 'Eilean a' Cheò' le J A MacCulloch
Dh'fhàs bailtean croitearachd cumanta an dèidh dha na cinnidhean a dhol ma sgaoil. Ann am baile croitearachd tha croitean, le taighean-croite agus feurach coitcheann. Tha talamh glas aig gach croitear dha fhèin far am fàs e bàrr. Cuideachd faodaidh e an crodh a chur air an fheurach choitcheann. 'S e am feurach coitcheann dòigh shònraichte ann an cleachdadh an fhearainn air a' Ghàidhealtachd oir tha a h-uile beathach sa bhaile a' feurach air an aon innis an àite a bhith ceangailte ri tac beag fearainn le aon chroitear. Tha cùram an fheuraich air Comataidh a' bhaile a nì cinnteach gun cùm na croitearan gu lèir ri na riaghailtean.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Dè tha ann am baile croitearachd?
- Dè tha sònraichte mun dòigh anns a bheil 'feurach coitcheann' air a chleachdadh air a' Ghàidhealtachd seach ann an sgìrean eile de Bhreatainn?


