Chaidh an dealbh seo a thogail air rubha Thròndairnis san Eilean Sgitheanach anns na 1930an.
Bha a' chas-chrom gu math freagarrach airson na Gàidhealtachd air sgàth an talaimh bhriste agus na creagan a bh' ann. 'S e pìos fiodha, mu 6 troighean a dh'fhaid, a bha crom aig a' bhonn a bh' ann an cas-chrom. Bha ceann rèidh fiodha oirre, agus pìos de dh'iarann biorach air an taobh airson gearradh. Bha pìos fiodha a' tighinn bhon chois air an làimh dheis. Bha seo a' ciallachadh gum b' urrainn dhan duine a bha ag obair, a chas a chleachdadh gus an t-inneal a chur dhan talamh.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Saoil dè dh'fhaodadh croitear an latha an-diugh a chleachdadh an àite cas-chrom agus carson?


