Chaidh an dealbh seo a thogail ann an Sgonnsair san Eilean Sgitheanach anns na 1880an.
Dh'fhàs am buntàta cumanta anns a' Ghàidhealtachd anns an 18mh linn. Bha e a' cur dheth barrachd bàrr na a' mhòr-chuid de rudan eile agus ann an 1800 b' e am buntàta 80% dhen bhiadh anns a' Ghàidhealtachd. Anns na 1840an ghais am buntàta agus bha aig tòrr ri eilthireachd a dhèanamh mus bàsaicheadh iad leis an acras.
Mar bu trice bha am buntàta air a chur ann am feannagan. B' iad seo imirean a bha air an togail de dh'fheamainn, todhar, aolach agus ùir mu mheatair a leud. Bha feannagan a' ciallachadh gun robh àite torach ann airson a' bhuntàta agus dh'fhàs iad glè mhath annta. Bha am buntàta cho cudromach agus gum biodh clann gu tric a' fuireach dhachaigh bhon sgoil airson cuideachadh ga chur agus ga thogail.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Carson a bha am buntàta air fàs cho cudromach mar bhiadh anns na 1800an?
- Dè an t-inneal a tha an croitear a' cleachdadh gus an talamh àiteach?
- Cò tha a' cur a' bhuntàta?
- Dh'fheumadh cuid den bhuntàta a bhith air a cumail gus an ath earrach. Carson?
- Dè bh' ann am feannagan?


