'S e inneal airson feur fada a bhuain a th' ann an speal. Tha cas fhada de dh'fhiodh oirre a bhios duine a' cumail le dà làimh, is iarann lùbte a bhios e a' cumail co-shìnte ris an talamh. Bidh an croitear a' gluasad na speal gu rithimeach bho thaobh gu taobh a' buain sgrìoban de dh'fheur no coirce nach eil ach beagan òirlich a leud. B' e obair chruaidh a bh' ann an spealadh, mar a bha tòrr den obair air a' chroit.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Ciamar a chuidicheadh a bhith a' cleachdadh speal an àite innealraidh le bhith a' gleidheadh eòin a bhios a' neadachadh air an talamh, mar a bhios an traon?


