Am Baile logo Back to the Main site
Image

Croitearachd

7. Lomadh chaorach

priont an duilleag seo

Sheep shearing

Bidh a' mhòr-chuid de chroitearan a' cumail Dhubh-cheannach no caoraich Mhaola, son an clòimh sa mhòr-chuid. Mar as trice 's e rùsg na cloimhe an aon teachd-a-steach as cudromaiche dhan chroitear. Tha na caoraich air an rùsgadh uair sa bhliadhna san Ògmhios no tràth san Iuchar, a' tòiseachadh le na h-othaisgean is a' crìochnachadh le na caoraich uain. 'S fheàrr le cuid de lomadairean furm a chleachdadh; bidh cuid eile a' rùsgadh nan caorach air an talamh. Bidh a' chaora air a cur air a druim agus bidh an lomadair ag obrachadh sìos bho na casan dhan chnàimh-droma, a' rùsgadh faisg air a' chraiceann gus an rùsg a chumail slàn. Tha an rùsg an uair sin air a roiligeadh 's air a cur ann am poca airson a reic.

Mus robh innealan ann, bha caoraich air an rùsgadh le deamhais-làimhe, a tha coltach ri siosar mòr. An-diugh, tha a' mhòr-chuid de chaoraich air an rùsgadh le bearradairean dealain. Ann an Sealan Nuadh, rùisg Ailean Dòmhnallach is Keith MacUilleim 2,220 caora le innealan ann an 24 uair a thìde.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Ainmich dà sheòrsa caora a bhios croitearan a' cumail.
  2. Carson a tha a' chlòimh cho cudromach dhan chroitear?
  3. Cia mheud duine/balach a tha ag obair aig an fhaing?
  4. Carson a tha na pocannan mòra a tha ri taobh a' ghàrraidh?
8. Buain Mhòna