Mar as trice bidh daoine a' buain mòine mu dheireadh an earraich le inneal air a bheil tairsgeir (no toirsgian) air a bheil làmh fhada de dh'fhiodh le iarann geur aig ceart-cheàrn air aon cheann. An toiseach bidh an sgrath air a rùsgadh bhon pholl-mhònach. Tha a' mhòine, a tha ris a-nis, air a buain leis an tairsgeir agus tha na fàdan air an tilgeil a-mach às a' pholl-mhònach ach an tiormaich iad. Anns an dealbh tha aon duine a' buain 's am fear eile a' tilgeil; ach glè thric nì an aon duine an dà ghnìomh. Bidh an seòrsa tairisgeir ag atharrachadh bho àite gu àite a rèir 's dè an seòrsa mòna a tha ga buain. 'S urrainn do dheagh neach-buain 1,000 fàd a bhuain ann an latha.
Aon uair 's gu bheil na fàdan tioram thèid an toirt dhachaigh dhan chroit agus thèid cruach mhòr a thogail leotha. Tha na cruachan tric coltach ri cumadh an taigh-croite - leathann, lùbte aig gach ceann agus a' caolachadh gu bior aig mu 2 mheatair a dh'àirde. Bidh iad eadar 4 agus 14 meatairean a dh'fhaid. Bidh cruachan air an togail a rèir cleachadh na sgìre is faodaidh cruach air a deagh thogail a bhith mar obair ealain. Bidh cruachan mòna a' toirt fasgadh a bharrachd do thaighean. Faodaidh uimhir ri 15,000 - 18,000 fàd a bhith air an losgadh ann an taigh-croite thairis air bliadhna.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Carson a tha a' mhòine air a buain as t-earrach is chan ann gu math nas fhaide dhen bhliadhna?
- Saoil dè ghabhadh dèanamh leis an sgrath aon uair 's gu bheil am poll-mònach air a bhuain?
- Cia mheud latha a' buain a tha a dhìth airson gum bi mòine gu leòr ann dhan dachaigh an ath bhliadhna?
- Saoil carson nach eil mòine ga cleachdadh mar chonnadh mar a bha?
- Saoil carson a bhiodh e tàmailteach nan deigheadh buain mòna à cleachdadh?


