Tha Stèisean Cumhachd Luicheirt na phàirt de Sgeama Dealain-uisge Shrath Chonainn a chaidh a thogail anns na 1950an. Tha 7 damaichean agus stèiseanan cumhachd, 20 mìle de thunailean agus 15 mìle de dh'uisgrianan ann an sgeama dealain-uisge Chonainn. Chuir damaichean aig Loch Droma agus Srath Bhathaich uisge gu Stèisean Cumhachd Ghlascarnaich agus à sin gu Stèisean Cumhachd Mhossford agus a-steach a Loch Luicheirt. Dh'fheumadh ìre an uisge ann an Loch Fannaich a bhith air a thogail cuideachd. Ann an 'Operation Bathplug' chaidh pluga mòr creige a spreadhadh bho chliathaich Loch Fannaich agus le sin chrìochnaich iad tunail gu stèisean cumhachd Ghrùididh.
'S e Stèisean Cumhachd Luicheirt am fear as motha anns an Sgeama agus chaidh a chur an sàs ann an 1954. Chaidh cuid de na stèiseanan cumhachd, nam measg Luicheart, Drochaid Ghrùididh agus Mossford, a dhealbh leis an aon duine, Seumas Shearer, agus tha iad gu math coltach ri chèile. B' e Seumas Shearer cuideachd a chuir gràbhaladh Cruithneach air cuid de na stèiseanan cumhachd. Bha aghaidh de chloich Tharbhdail on Bhlàr Dhubh orra gus gum biodh na togalaichean a' coimeasgachadh leis na bha timcheall orra.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Dè tha ga thogail air cùlaibh an stèisein cumhachd?
- Dè thachair ann an 'Operation Bathplug'?
- Cia mheud dam, tunail agus uisgrian a chaidh a thogail air sgeama Chonainn?
- Ciamar a dh'fhàg Seumas Shearer a làrach air a' Ghàidhealtachd?


