Daoine Ainmeil on Ghàidhealtachd
Ro-ràdh
Thàinig iomadh duine ainmeil às a' Ghàidhealtachd agus às na h-Eileanan thar nam bliadhnaichean. Tha cuimhne air cuid dhiubh airson an comasan ceannardais, m.e. Sir Eachann Dòmhnallach. Tha cuimhne air cuid eile airson gaisgeachd a bha sònraichte m.e. Flòraidh NicDhòmhnaill. Ach tha corra dhuine air a bheil cuimhne airson adhbharan nach eil cho math leithid Rob Ruadh. Bha esan ri goid sprèidh agus bha e fo choill. Bha cuideachd Coinneach Odhar ann a rinn iomadh fàistneachd a tha fhathast tarraingeach do dh'iomadh duine an-diugh.
MacBheatha
'S iongantach mura h-e MacBheatha a' chiad Ghàidheal ainmeil a bh' ann. Mharbh esan a' chiad Rìgh Donnchadh agus ghabh e thuige fhèin Crùn na h-Alba gun chòir ann an 1040AD. Gu mì-fhortanach, chan eil fios air mòran mu MhacBheatha. Tha deagh choltas gur dòcha gur ann an Caisteal Inbhir Pheofharain a rugadh e. Chan eil sgeul an-diugh air a' chaisteal seo ach bha e air fear dhe na daingneachdan mòra sa cheann a Tuath na latha. Thug e 17 bliadhna a' riaghladh bho 1040 gu 1057 mus do chaochail e ann am blàr ann an Siorrachd Obar Dheathain agus chan ann aig Beinn Dunsinane ann an Siorrachd Pheairt mar a tha aig Shakespeare
Ach dè mu dhaoine eile? Leugh ort :
Clàr-ìnnse
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.
- Rannsaich daoine ainmeil on ghàidhealtachd
- Luchdaich a-nuas duilleagan-obrach - tagh pdf no word
- Luchdaich a-nuas freagairtean
- Tuilleadh stuthan co-cheangailte ris
RANNSAICH CUSPAIREAN EILE
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

