Tha Rob Ruadh MacGriogair (1671-1734) ainmeil mar 'Robin Hood' na h-Alba. B' e am mac a b' òige a bha aig ceann-cinnidh nan Griogarach. Rugadh e ann an Gleann Goill ann an 1671. Thogadh e mar Sheumasach agus bha e a' sabaid dha na Seumasaich ann an Cath Raon Ruaraidh nuair a bha e 18.
Bha e eòlach ann am malairt chruidh agus bha fearann aige ann am Both Chuidir, Creag Trostain agus Inbhir Snàthaid ach chaidh fhuadach bho na fearainn nuair a chaill e airgead a fhuair e air iasad bho Dhiùc Mhontròis. Fhuair e fearann air mhàl bho cho-ogha dha, Iain Caimbeul, Iarla Bhraghad Albainn, a bha na nàmhaid poilitigeach do Dhiùc Mhontròis agus bha e ri goid chruidh agus a' toirt ionnsaigh air fearann Mhontròis.
Ann an 1694, chaidh an t-ainm MacGriogair a thoirmeasg agus bha e a' cleachdadh Caimbeul, ainm a mhàthar. Ann an Aramach nan Seumasach ann an 1715, thug Rob Ruadh agus Clann Ghriogair taic dha na Seumasaich agus bha iad ri sabaid an aghaidh feachdan an riaghaltais sna Trosaichean. Ach seach gu robh taobh aige ri na Caimbeulaich, a bha a' cumail taic ris an riaghaltas, cha robh e idir a' sabaid aig Blàr Sliabh an t-Siorraim.
A dh'aindeoin seo, bhathas ga iarraidh airson Àrd Bhrathadh. Bha e beò fo choill gu 1725 nuair a ghèill e do Sheanalair Wade. Thug Seòras I làn mhaitheanas dha agus chaochail e na dhachaigh faisg air Both Chuidir ann an 1734. Tha an uaigh aige ann an Cladh Bhoth Chuidir ag ràdh 'Macgregor despite them.' Tha seo a' toirt tarraing air an ainm a bhith air a thoirmeasg
Brùth an seo airson an dealbh a dhèanamh nas motha, leugh an teacsa agus freagair na ceistean.
Ceistean
-
Ceart no ceàrr?
- Bha Rob Ruadh beò san t-16mh linn
- Bha taobh aig Rob Ruadh ri na Seumasaich
- Bha Rob Ruadh 63 bliadhna a dh'aois nuair a chaochail e
- Bha Rob Ruadh a' sabaid ann am Blàr Sliabh an t-Siorraim
- Bhiodh Rob Ruadh a' goid sprèidh (crodh)
- Rugadh Rob Ruadh faisg air deireadh an t-17mh linn
- Chaochail Rob Ruadh òg
- Chaidh Rob Ruadh fo choill ann an 1694
- Dè cho fìor 's a tha e a ràdh gur e 'Robin Hood' na Gàidhealtachd a bh' ann an Rob Ruadh?
- Carson a tha na faclan 'Macgregor despite them' air an uaigh aige?

