Rugadh Anndra Carnegie ann an Dùn Phàrlain ann an 1835. Chaidh e fhèin agus an teaghlach aige a dh'fhuireach a Phittsburgh, Pennsylvania, ann an 1848. Thòisich e a' cosnadh mar ghille-theileagraf. Bha e mu dheireadh na cheannard air Rèile Phennsylvania. Aig an àm seo, bha na rèileachan a bhathar a' togail ann an Ameireaga a' tàladh mòran tuairmeis air Margaid Earrannan Ameireaga. Bhuannaich agus chaill iomadh duine mòran airgid air an seo. Ach chunnaic Carnegie gu robh margaid ann airson stoc còmhdhail (coidseachan is cairtean). Seach gur e stàilinn am prìomh stuth a bha air a chleachdadh airson an dèanamh, chaidh e an sàs ann a bhith a' dèanamh stàilinn. Ri ùine, b' e an Carnegie Steel Company am prìomh chompanaidh stàilinn a bha ann an Ameireaga. Bhuineadh còrr is 50% dhen chompanaidh gu pearsanta do dh' Anndra Carnegie nuair a reic e e ann an 1901. B' e a-nis an duine bu bheartaiche air an t-saoghal.
Seach gu robh e a' creidsinn gu robh duine sam bith a bha a' bàsachadh beartach a' bàsachadh na chùis-nàire, thug e seachad còrr is $350 millean fhad 's a bha e beò agus $30 eile nuair a chaochail e. Thug e seachad airgead airson timcheall air 3000 leabharlann poblach a thogail ann an Ameireaga, Breatainn agus Canada. Stèidhich e cuideachd Urras Charnegie airson oilthighean ann an Alba, Urras Charnegie airson Dhùn Phàrlain, Urras Charnegie airson na Rìoghachd Aonaichte, Aitreabh Charnegie ann am Pittsburgh, Aitreabh Charnegie ann a' Washington, Duais Charnegie airson Sìth Eadar-nàiseanta agus Comann Charnegie ann an New York.
Phòs e Louise Whitfield ann an 1887. Cha robh aca ach aon nighean, Mairead, a rugadh ann an 1897. Bha an teaghlach a' cur seachad sia mìosan gach bliadhna sa Ghàidhealtachd. Cheannaich iad Oighreachd Sgiobail faisg air Dòrnach agus thog iad Caisteal Sgiobail mar dhachaigh an teaghlaich. Chaochail Aandrea Carnegie ann an 1919 ann an Lenox, Massachusetts.
Thàinig an dealbh seo bho thaisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Historylinks ann an Dòrnach nuair a bhathas a' comharrachadh 150 bliadhna bho rugadh Anndra Carnegie. Tha loidhne-time ann le na deitichean cudromach ann am beatha Charnegie. Tha dà chartùn ann cuideachd. Tha fear dhiubh à iris 'Life' ann an 1905 agus chaidh am fear eile fhoillseachadh ann an 1935, nuair a bha ceud bliadhna ann o rugadh Carnegie.
Brùth an seo airson an dealbh a dhèanamh nas motha, leugh an teacsa agus freagair na ceistean.
Ceistean
- Carson a chaidh Urras Charnegie a stèidheachadh ann an Dùn Phàrlain?
- Mìnich ciamar as e Anndra Carnegie an duine bu bheartaiche air an t-saoghal aig an àm.
- Dè rinn Anndra Carnegie le na bha aige de dh'airgead?
- Dè gu h-àraidh dham mothaich thu mu na thug Carnegie do charthannas?
- Dè an ceangal sònraichte a tha aig Anndra Carnegie ris a' Ghàidhealtachd?


