Dealbh bho 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland. Vol XII, Part I' (1876-77)
Tha an dealbh seo a' sealltainn mac-samhail de chrann aon-uaidneach à Sealtainn. Tha daoine dhen bheachd gur e an crann aon-uaidneach a bha daoine a' cleachdadh san Ròimh agus san Èipheit. Bha an crann air a shlaodadh le sgioba de dhaimh fhad 's a bha an tuathanach ga stiùireadh leis an uaidne. B' e an uaidne cas a' chruinn a bha air a cleachdadh airson smachd a chumail air taobh is doimhneachd na claise.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Dè cho fada air ais ann an eachdraidh 's a tha an 'crann aon-uaidneach' a' dol?
- Mìnich mar a bhiodh daoine a' treabhadh le crann aon-uaidneach.
- Carson a bha an dà chlàr fiodha a bha aig cùl a' chrainn?


