Am Baile logo Back to the Main site
Image

Tuathanachas

4. An t-each is tuathanachas

priont an duilleag seo

Fear ag obair le dà each air tac ann an Cinn Tìre, a' cliathadh nan achaidhean mus deigheadh an sìol a chur as t-Earrach. Bhriseadh an cliathadh na plocan agus bha seo feumail airson àite cur math ullachadh. B' e an t-each Clydesdale am prìomh sheòrsa each obrach. B' e obair chruaidh a bh' ann a bhith a' saothrachadh air tuathanas. Bhiodh na fir air an cois greis ro bheul an latha agus 'cuingichte'. Dh'fheumadh iad biadh agus cùram a thoirt do na h-eich rom bracaist; bròs mar bu trice. Shaothraich iad gus an do dh'fhàs e dorcha, ach gun do stad iad airson diathad mu 11.30 sa mhadainn, nuair a fhuair iad bròs. Aig àm 'lousing' mu 6.00 feasgar dh'fheumadh iad biadh agus cùram a thoirt do na h-eich mus tilleadh iad dhachaigh a ghabhail bròs a-rithist. Bha meud an tuathanais air a mheas a rèir 's cia mheud paidhir each a bha ag obair, agus fireannach airson gach paidhir.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Carson a bha am fearann air a chliathadh?
  2. Dè am prìomh sheòrsa eich a bh' air a chleachdadh air tuathanasan?
  3. Dè bhiodh an luchd-obrach ag ithe?
  4. Cuir crìoch air na seantansan:-
    1. Aig 'àm cuingealachaidh' bhiodh luchd-obrach nan tuathanasan .....................
    2. Aig 'àm lousing' bhiodh luchd-obrach nan tuathanasan .....................
  5. Ciamar a bha meud tuathanais air a mheas aig aon àm?
5. Beagan fois aig na measan