Chithear an seo Mac Shimidh, a bha ainmeil airson a bhith a' briodadh crodh, aig rup chruidh ann an Inbhir Nis. Tha margaidhean rup cudromach ann an ceannach agus reic stuic agus bidh iad a' tàladh luchd-ceannach bho fhad is farsainn. Bha mar a dh'fhàs bailtean mar Inbhir Pheofharain, Inbhir Nis agus an t-Òban gu mòr an urra ri margaidhean a bhith annta. Chan eil margaidhean tuilleadh an Inbhir Nis, ach tha Margaidh Inbhir Pheofharain air làrach ùr air iomall a' bhaile 's e fhathast a' toirt thuathanaich còmhla. Tha fèilltean uan fhathast air an cumail ann an Luirg agus Raoghard agus tha iad nan cruinneachaidhean sòisealta don iomadh tuathanach chaorach a tha a' fuireach ann an sgìrean iomallach Chataibh.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
-
Càit am faodadh tu a dhol gus crodh no caoraich a reic no a cheannach?
- crodh: ................
- caoraich: ................
- Carson a bha margaidh rup na chuideachadh ann an leasachadh bhailtean mar Inbhir Pheofharain agus an t-Òban?


