Am Baile logo Back to the Main site
Image

Iasgach

2. Baile Iasgaich, Cromba

priont an duilleag seo

Bha baile beag Chrombaidh na phort malairt cudromach agus chaidh a stèidheachadh mar Bhaile Rìoghail san 13mh linn. Tha am baile anns a' cheann a tuath dhen Eilean Dhubh, mu choinneimh Neig, aig beul Linne Chrombaidh. Thàinig leasachadh mòr sa bhaile nuair a cheannaich Seòras Ros an oighreachd ann an 1772. Thug esan gnìomhachasan ùra dhan sgìre mar ghnìomhachas ròpannan agus thog e cala ùr airson an t-iasgach a bhrosnachadh. Tha corra fhear de sheann taighean nan iasgairean on t-17mh linn agus tràth san 18mh linn nan seasamh fhathast. B' e Ùisdean Mac a' Mhuilleir am fear a b' ainmeile a bhuineadh do Chromba.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. An uair sin, leugh an teacsa agus freagair na ceistean.

Ceistean

  1. Thoir iomradh air an t-sràid agus na taighean.
  2. Dè am beathach a tha a' coiseachd na sràide?
  3. Dè an t-ainm ceart airson nam basgaidean a chì thu?
  4. Feuch am faigh thu càil a-mach mu Ùisdean Mac a' Mhuilleir (cleachd 'Lorg' ann Am Baile)
3. Bàtaichean-iasgaich ann an Ulapuil