Tha na clèibh ghiomach gan ceangal ri ròpan agus bùidhean agus tha iasg ga chur orra mar bhiadhadh. Tha a' chuid as motha dhe na bàtaichean ag iasgach fad na bliadhna agus bidh iad a' tilleadh gu port gach latha. Bidh làraidhean le goireas fuarachaidh a' toirt na cuid as motha dhen iasg gu luchd-giullachd san sgìre agus bidh e an uair sin a' falbh gu margaidean na Roinn Eòrpa.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. An uair sin, leugh an teacsa agus freagair na ceistean.
Ceistean
- Innis ciamar a tha iasgach a' ghiomaich ga dhèanamh.
- Feumar giomach a chumail beò gus am bithear ga bhruich. Carson?


