Comataidh an SWRI bho roinn Arcaibh air beulaibh an stàile aca aig Taisbeanadh Mòr Comann Àiteachais na Gàidhealtachd aig Pàirc nam Bochd, Inbhir Nis air 25 An t-Ògmhìos 1932. 'S e an Taisbeanadh Gàidhealach an t-ainm eile a bh' air an taisbeanadh agus thuirt Courier Inbhir Nis (28 An t-Ògmhìos 1932) gun robh e "soirbheachail gun teagamh." 'S e an obair-ceàirde a tha air an taisbeanadh aig an stàile, sèithear traidiseanta à Arcaibh 's a chùlaibh air fhighe, agus obair fighe. O chionn ghoirid tha ùidh mhòr air èirigh ann an 'sèithrichean Arcach' agus tha muinntir Arcaibh a tha a' fuireach thall thairis dèidheil air an ceannach. Chan ann idir a' dol à bith a tha a' cheàird seo, 's ann a tha i air ath-bheothachadh.
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Dè tha na litrichean SWRI a' riochdachadh?
- Dèan sgeidse den t-sèithear Arcach.


