Am Baile logo Back to the Main site
Image

Ceàirdean na Gàidhealtachd

4. Ròpannan feòir is fraoich

priont an duilleag seo

Rachadh sìoman a dhèanamh à iomadh rud. Bha fraoch air a chleachdadh gu math tric, agus feur fada. Seo Iain Caimbeul à Uibhist a Deas a' dèanamh sìoman à fraoch fillte.

Bha sìoman fraoich gu math na bu làidire na sìoman feòir. Ghabhadh a chleachdadh airson tughadh a cheangal sìos air mullach taighe, air neo airson àradh a dhèanamh. Mhaireadh an ròp làidir ann an uisge agus bha e air a chleachdadh gus bàtaichean a cheangal suas. Chaidh fianais air sìoman fraoich a lorg aig Skara Brae, baile cloiche 5000 bliadhna a dh'aois ann an Arcaibh.

Cha robh sìoman feòir idir cho làidir ri sìoman fraoich, ach rachadh a chleachdadh airson iomadh obair. Bhiodh am feur air a lùbadh agus air fhighe ri chèile le làimh gus ròp a dhèanamh.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Dè rinn an ròp a b' fheàrr - feur no fraoch?
  2. Dè am fianais a th' ann gur dòcha gu bheil eachdraidh fhada aig sìomain fhraoich?
  3. Ainmich trì dòighean anns an robh sìoman fraoich air a chur gu feum.
5. A' snìomh agus a' càrdadh