Tha clann, cuid dhiubh cas-rùisgte, a' coimhead fhad 's a tha mullach an taighe aca air a chàradh. Bha mullach tughaidh air frèam fiodha a bh' air ballachan a' bhothain. Bha tughadh saor is aotrom, is mar sin cha robh e a' cur cus cuideim air na ballachan. Chaidh fòd le fraoch a chur air an fhrèam is tughadh air muin sin. Bha an tughadh air a chumail gu daingeann le seann lìon-iasgaich no ròp ceangailte ri clachan mòra. Bha tughadh ùr a' dol air an taigh gach bliadhna anns a' mhòr-chuid a dh'àitichean. Bha an seann tughadh glè thric air a chleachdadh mar thodhar
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Tagh na trì seantansan fìor a tha ag innse mar a bhiodh mullach taighe air a thughadh:-
- An toiseach chaidh seann lìon-iasgaich a sgaoileadh air na ballachan agus chaidh an tughadh air muin sin.
- Chaidh frèam fiodha a dhèanamh air an deach an tughadh a chur.
- An toiseach chaidh fòd le fraoch a chur air an fhrèam is an uair sin tughadh air muin sin.
- Chaidh tughadh a chur air an fhrèam agus an uair sin fòd le fraoch air a mhuin.
- Chaidh clachan mòra a chur air uachdar an tughaidh airson a chumail sìos.
- Chaidh seann lìon-iasgaich a sgaoileadh thairis air an tughadh agus bha e air a cheangal sìos le clachan mòra airson a dhèanamh daingeann.


