Creideamh
Ro-ràdh
Is beag as aithne dhuinn mun t-seòrsa creideimh anns an robh ar tràth shinnsirean an sàs. Tha ceangal air choreigin ri creideamh aig mòran de na carraighean ro-eachdraidheil air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, m.e. Tursachan Chalanais. Tha cuid a' creidsinn gun robh iad air an cleachdadh gus uairean agus ràithean a thomhas leis a' ghrèin agus a' ghealaich.
Cha robh Crìosdaidheachd air a thoirt a dh'Alba gus an t-6mh linn nuair a shuidhich Colm Cille manachainn Cheilteach ann an Eilean Idhe c. 543. Bho Eilean Idhe chaidh miseanaraidhean a-mach air feadh Alba. Mhair an Eaglais Cheilteach bhon t-6mh dhan 12na linn ach an uair sin, mean air mhean, thàinig i fo smachd na Ròimhe. On uair sin suas dhan Ath-leasachadh ann an 1560, bha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, cuide ris a' chòrr de dh'Alba, Caitligeach.
An dèidh an Ath-leasachaidh thàinig an t-atharrachadh gu Clèireachd ceum air cheum. Lean comharran a' chreideimh Ròmanaich, gu h-àraidh ann an Uibhist a Deas, Cnòideart, Loch Abar agus Bràigh Mhàrr. Lean coithional beag Easbaigeach ann an Gleanna Comhann. Ach b' e Eaglais na h-Alba, a chaidh aithneachadh le Pàrlamaid na h-Alba, a thàinig gu bhith na h-eaglais stèidhte ro 1690. Aig an àm seo bha a' mhòr-chuid de dh'Alba Pròstanach.
Clàr-ìnnse
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.
- Rannsaich creideamh
- Luchdaich a-nuas duilleagan-obrach - tagh pdf no word
- Luchdaich a-nuas freagairtean
- Tuilleadh stuthan co-cheangailte ris
RANNSAICH CUSPAIREAN EILE
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

