Bhiodh sealgairean-cruinnichean Meadhan Linn na Cloiche (Meadhan-chreagach) o chionn mu 10,000 bliadhna ag adhradh do spioradan nàdair, imrichean agus torachas ainmhidhean a bh' air an sealg airson biadh, agus bàrr ràitheil bho mheasan, chnothan agus freumhan a ghabhadh ithe.
Bhiodh tuathanaich Nuadh Linn na Cloiche (Nuadh-chreagach) bho mu 5000 RC a' togail thuaman seòmraichte de chlachan mòra a chumadh cnàmhan agus spioradan shinnsirean mòra a bhiodh a' coimhead thairis air daoine, bàrr agus treudan. Bha urram air a thoirt do thursachan mar eileamaidean 'fireann/boireann' ann am buidhnean a thug adhradh do thorachas. Bhiodh fir-leighis agus glic-bhoireannaich a' bruidhinn ri saoghal nan spioradan.
Bhiodh comainn-shòisealta Linn an Umha, bho mu 3000 RC, ag urramachadh rìghrean-sagairt naomh. Bhiodh na triathan sin, mar Phàroan Èipheiteach, a' bruidhinn ri na diathan. Bha teampaill Linn an Umha nan tiùrran cruinn ùireach (henges), agus bha cearcallan/ sreathan thursachan air loidhne na grèine no na gealaich.
Bhiodh diathan Ceilteach, bho mu 1000 RC, a' cumail smachd air feartan beatha leithid cogadh, obair-mheatailt, leigheas agus bàrdachd. Bhiodh sagartan Draoidheach a' tabhann thiodhlacan prìseil agus ìobairtean ràitheil do na bana-diathan Anu agus Brìde fo chraobhan daraich còmhdaichte le draoidh-lus no ann an uisgeachan naomha.
Bha beatha luchd-tuinneachaidh Lochlannach, bho mu 800 AD, fo smachd triùir bhadhbh uaigealta (na Norns) agus diadhachdan cumhachdach mar Odin, Frigg, Thor, Tyr, Loki agus Balder. Bhiodh diathan Lochlannach a' fuireach ann an rìoghachd air an robh Valhalla. Bhiodh curaidhean Lochlannach a thuit ann an cath a' dol còmhla rin diathan airson siorraidheachd de dh'fhèisdeachd agus de shabaid.
Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
-
Copaig agus cuir crìoch air a' chlàr de chreideamhan Roi-Chrìosdail.
Comann-sòisealta Roi-Chrìosdail deit na rudan dhan tug iad adhradh Na 'sealgairean-cruinnichean' o chionn 10,000 bliadhna Tuathanaich Nuadh-chreagach Sluagh Linn an Umha Na Ceiltich na bana-diathan... Na Lochlannaich na diathan ...


