Hiort
Ro-ràdh
Tha ceithir mìle mìle de chuan fosgailte eadar taobh an iar nan Eilean Siar agus Aimeireaga. A-muigh sa chuan sin tha Hiort, buidheann beag de dh' eileanan creagach a tha cho fada an iar air na Hearadh 's gur gann a chithear iad às na Hearadh ach an àite no dhà. Ma dhìreas tu suas an Cliseam, a' bheinn as àirde anns na Hearadh, chì thu stacan Hiort air latha math.
Tha uaireannan sa gheamhradh nach fhaigh duine a dhol a Hiort agus tha e glè thric fo cheò as t-samhradh. Tha Hiort na àite-tuineachaidh cho mòr 's a tha air an t-saoghal do dh' eòin-mhara. Suas gu deireadh nan 1930an bha daoine a' fuireach ann cuideachd. Bha aig na daoine sin ri fàs cleachdte ris an droch shìde agus ri iomallachd an àite. Tha sinn a' faighinn sealladh an seo air an dòigh-beatha annasach a bha aig na daoine air sgàth sin
Clàr-ìnnse
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.
- Rannsaich Hiort
- Luchdaich a-nuas duilleagan-obrach - tagh pdf no word
- Luchdaich a-nuas freagairtean
- Tuilleadh stuthan co-cheangailte ris
RANNSAICH CUSPAIREAN EILE
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

