A rèir aithris, b' ann sa chleit seo (togalach beag, cruinn air cumadh nead sheillean) a bha a' Bhan-iarla Grange a' fuireach nuair a chaidh a fuadach a Hiort. Ach chan eil fianais sam bith ann airson seo. Bha a' Bhan-iarla Grange (1682-1745) pòsta aig Seumas Erskine, Àrd-thagraiche na h-Alba. Nuair a dhealaich iad ann an 1730, thòisich i ag ràdh gun robh robh e taiceil dha na Seumasaich. Thuirt esan gun robh i às a ciall agus, an uair sin, gun do chaochail i. Nuair a bha an tìodhlacadh aice, mas fhìor, ann an Dùn Èideann, chaidh falbh leatha agus a cur dhan phrìosan ann an Uibhist a Tuath mus deach a cur a Hiort ann an 1734. Cha robh i gu tur leatha fhèin fhad 's a bha i an sin. Bha boireannach a' coimhead às a dèidh agus bha i a' faighinn rudan a bha a dhìth oirre. Chaidh aice air litir a chur gu a càirdean ann an Dùn Èideann a dh'innse dhaibh mun t-suidheachadh aice ach cha b' urrainn dhaibh a faighinn às. An ceann ochd bliadhna, chaidh a gluasad dhan Eilean Sgitheanach. Canaidh cuid gun do chaochail i ann an 1742 agus cuid eile ann an 1746.
Brùth an seo airson an dealbh a dhèanamh nas motha. Leugh an earrann agus freagair na ceistean.
Ceistean
- Dè th' ann an cleit.
- Innis carson a bha a' Bhan-iarla Grange ann a' Hiort.


