Am Baile logo Back to the Main site
Image

Turasachd

2. Uamh Fhingail

priont an duilleag seo

Tha Uamh Fhingail air cladach a deas eilean Stafa. Chaidh a cruthachadh le gnìomhachd bholcànach is na broinn tha i air a lìnigeadh le colbhan dubha sia-thaobhach basalt, is tha suas ri 20m (66 troigh) a dh'àirde innte. Tha beul na h-uaimh 13m (42 troigh) is tha doimhneachd 69m (227 troigh) innte. 'S i an uamh as ainmeile de dh'uaimhean an eilein, a tha beagan far costa Mhuile.

Thadhail Sir Iòsaph Banks air Stafa air an 12mh den Lùnastal 1772, is 's e an t-iomradh aige-san a' chiad iomradh mionaideach mu Stafa is Uamh Fhingail. Dh'fhoillsich Tòmas Pennant an t-iomradh anns an dara leabhar aige de 'Tour in Scotland' an dèidh dha tadhal an sin ann an 1774.

Thadhail an sgrìobhaiche ciùil Mendelssohn air Stafa agus, mar thoradh air sin, sgrìobh e an roi-cheòl, 'Fingal's Cave' ann an 1829.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha, Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Thoir tuairisgeul air Uamh Fhingail agus mìnich mar a chaidh a cruthachadh
  2. Lìon an clàr:-
    DeitAn 'neach-turais'
    Sir Iòsaph Banks
    1774
    1829
3. Hiort