Am Baile logo Back to the Main site
Image

Turasachd

3. Hiort

priont an duilleag seo

Chaidh am map seo a thoirt o 'A Late Voyage to St Kilda, the Remotest of all the Hebrides, or Western Isles of Scotland' le Màrtainn Màrtainn, a bha am measg a' chiad luchd-turais a dh'fhoillsich iomradh air a chuairt an Alba. 'S e Hiort (am prìomh eilean), Dùn, Sòdhaigh is Boraraigh na ceithir eileanan ann an Hiort. Tha iad mu 41 mìle an iar air Beinn a' Bhaoghla anns na h-Eileanan Siar. Tha am prìomh àite-tuineachaidh ann am Bàgh a' Bhaile. Bha fir Hiort nan sreapaidearan sgileil (bhiodh iad a' sreap cas-rùisgte) agus bha mòran den cuid bidhe air a chruinneachadh bho na sgeirean anabarrach a tha ag èirigh mìle troigh dìreach às a' chuan. Bha uighean fhaoileagan agus sùlairean òga no gugaichean nam pàirt chudromach den bhiadh aca cuide ri fulmairean bhon d' fhuair iad ola airson solas agus còcaireachd.

Tha mòran teisteanais àirseachail ann a' Hiort gu robh Lochlannaich ann is cuideachd daoine o thràth ann an Linn an Umha. Anns an 19mh linn, bha barrachd dhaoine a' tadhal air na h-eileanan is cha robh na h-eileanaich cho fèin-fhoghainteach. Ann an 1930, dh'iarr sluagh Hiort gum biodh iad air an togail air falbh gu tìr-mòr.

Nuair a chaochail Marcais Bhòid ann an 1956 chaidh na h-eileanan fhàgail aig Urras Nàiseanta na h-Alba. 'S ann an urra ri Urras Nàdarra na h-Alba a tha iad an-diugh. Tha Hiort na dhachaigh don àireamh shùlairean as motha san t-saoghal, an àireamh fhulmairean as motha ann am Breatainn is dàrna leth nam buthaidean ann am Breatainn. Chan eil duine a' fuireach air na h-eileanan an-diugh ach luchd-armailteach, neach-glèidhidh, luchd-saidheans is luchd-tadhail.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha, Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Cuin a thadhail Màrtainn Màrtainn air Hiort agus dè cho fada air ais 's a tha sin?
  2. Saoil dè tha fàgail Hiort cho tarraingeach do luchd-turais, fiù 's an-diugh? (Tha co-dhiù trì rudan ann)
  3. Feuch dè nas urrainn dhut faighinn a-mach mu aon eile den luchd-turais tràth sin: tagh à Tòmas Pennant no Boswell & MacIain (cleachd Rannsaich )
4. Bhànrigh Bhictòria is Baile Mhoireil