Am Baile logo Back to the Main site
Image

Turasachd

4. Bhànrigh Bhictòria is Baile Mhoireil

priont an duilleag seo

Chaidh Caisteal Baile Mhoireil, a tha 8 mìle (13 cm) an ear air Bràigh Mhàr, a cheannach leis a' Phrionnsa Albert dhan Bhan-rìgh Bhictòria ann an 1852. Phàigh e £31,500 airson 24,000 acair. B' e taigh-tùir bhon 16mh linn a bha anns an togalach tùsail ach chaidh caisteal ùr a thogail don Bhànrigh fo shùil A' Phrionnsa Albert. Bha a' Bhànrigh Bhictòria dèidheil air a' Ghàidhealtachd agus bhiodh i an-còmhnaidh a' dol gu latha mòr nan geamachan ann am Bràigh Mhàr, cleachdadh a tha fhathast aig an teaghlach rìoghail an-diugh. Chruthaich a' Bhànrigh an dreuchd, Pìobaire na Bànrigh, an dèidh dhi fhèin agus am Prionnsa Albert tadhal air Marcais Bhràghad Albainn, aig an robh pìobaire pearsanta.

An dèidh bàs a' Phrionnsa Albert ann an 1861, dh'fhuirich a' Bhànrigh aig Baile Mhoireil iomadh mìos am falach bho dhaoine. B' ann ri linn Bhictòria a fhuair a' Ghàidhealtachd ìomhaigh romansach. Dh'fhàs ùidh mhòr am measg dhaoine ann an turasachd, ann an tartan, ceòl agus sgrìobhadh. Bha na nobhailean aig Sir Bhàtair Scott gu h-àraidh air an leughadh agus bha e fasanta a dhol gu na geamachan Gàidhealach seach gun robh an teaghlach rìoghail a' dol ann. Thàlaidh spèis Bhictòria dhan àite iomadh duine air thuras dhan Ghàidhealtachd.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha, Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Thoir làn mhìneachadh air mar a chuidich teachd na Bànrigh Bhictòria a Bhaile Mhoireil a' Ghàidhealtachd tro thurasachd.
  2. Tha dìleab (buaidh na h-ama a dh'fhalbh) na Bànrigh Bhictòria fhathast beò ann an gnìomhachas turasachd na h-Alba an-diugh. Ciamar?
5. Taigh-òsta Loch Maruidhe