Am Baile logo Back to the Main site
Image

Turasachd

5. Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe

priont an duilleag seo

Tha Loch Ma Ruibhe ann am Paraiste Gheàrrloch ann an Ros an Iar. Tha an loch, a tha air aon de na lochan as grinne san dùthaich, dà mhìle dheug a dh'fhaid 's e ruith bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Tha nas lugha na mìle a leud sa mhòr-chuid den loch, ach tha e a' leudachadh gu mu dhà mhìle mu choinneamh Shlèiteadail 's tha eileanan beaga ann. Air aon de na h-eileanan beaga anns an loch, Eilean Ma Ruibhe, tha tobhta caibeil a chaidh a shuidheachadh leis a' mhanach Èireannach Maelrubha anns an t-7mh Linn. Tha oir ear-dheas an locha fo sgàil Shleaghaich a tha 3.220 troigh a dh'àird. Tha cladach iar-dheas an locha na phàirt de thèarmann nàdair nàiseanta Bheinn Eighe. Tha Loch Ma Ruibhe comharraichte airson iasgach bhreac.

Tha an taigh-òsta mu letheach-slighe sìos an loch air a' chladach. Chuir a' Bhànrigh Bhictòria seachad sia oidhcheannan a-seo ann an 1877. Chòrd an t-àite rithe agus thuirt i gu robh i an dòchas gun tilleadh i aon latha. Tha clàr ann a' comharrachadh gun do thadhail i, agus mu mhìle tuath air an taigh-òsta tha Easan Bhictòria ann an Coille Shlèiteadail.

Anns an Lùnastal 1922 thug puinnseanachadh 'botulism' bàs do chòignear aoighean ann an Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe an dèidh dhaibh ceapairean le taois tunnaig orra ithe. Ged a bhathar den bheachd gur e tubaist a bha anns na bàsan, tha ainm nach iarradh iad fhathast aig an taigh-òsta seach gur ann a thachair an call bu mhiosa riamh bho phuinnseanachadh bidhe 'botulism' ann am Breatainn.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha, Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. "The scenery on either side of it (Loch Maree) is about the most utterly savage and terrific". Thàinig seo bho 'Anderson's Guide to the Highlands'. An toireadh an tuairisgeul seo thu à do bheachd tadhal air Loch Ma Ruibhe no nach toireadh? Thoir adhbharan airson do fhreagairt.
  2. Dè na rudan a dh'fhaodadh luchd-turais a thàladh a Loch Mac Ruibhe an-diugh? (ainmich co-dhiù trì rudan)
  3. Ciamar a fhuair na h-easan aig Slèiteadail an ainm?
  4. Dè mhill cliù Taigh-òsta Loch Ma Ruibhe?
  5. Seall ann am faclair air neo air einnsean luirg mar Yahoo no Google feuch dè gheibh thu a-mach mu 'botulism'.
6. Srath Pheofhair, tobar slàinte