Am Baile logo Back to the Main site
Image

Turasachd

9. Na h-eaglaisean aig Telford

priont an duilleag seo

Canaidh iad cuideachd 'Eaglaisean na Pàrlamaid' ri na h-àiteachan adhraidh seo a chaidh a thogail an dèidh do Choimisean na Gàidhealtachd 's nan Eilean cò-dhunadh gu robh feum air barrachd eaglaisean ann an sgìrean sgapte agus sgìrean gun mòran dhaoine. Bha Tòmas Telford an sàs anns an dealbhachadh agus tha i air aon de 32 eaglaisean coltach rithe air feadh na Gàidhealtachd. Tha feadhain eile aig Ceann Loch Biorbhaidh, Achadh nan Allt, Srath Chonainn agus Poll Iùbh. Bha gach eaglais (agus mans') rin togail aig cosgais £1500 a-mhàin, agus chùm sin an dealbhachadh sìmplidh. Ro 1830, bha 32 eaglaisean coltach rithe air an crìochnachadh.

Chaidh an t-seirbheis mu dheireadh san eaglais seo a chumail ann an 1935. Tha an togalach air a bhith na thaigh-tasgaidh bho 1990 agus tha e air a bhith air a dhèanamh suas às ùr mar a bha an togalach tùsail. Anns an taigh-tasgaidh tha tasglann, clàran agus deilbh sgìreil, agus roinn mu shloinntearachd. Cuideachd tha taisbeanadh lèir-chlaisneach mu Loch Braoin ri fhaicinn air sgrion mòr.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha, Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Ciamar a tha an t-seann eaglais seo na cuideachadh do thurasachd ann an sgìre Loch Bhraoin agus Ulapuil?
  2. Càite eile a bheil eaglaisean dhen aon sheòrsa rin lorg agus carson a dh'fhaodadh ùidh a bhith aig luchd-turais annta ged a dh'fhaodadh cuid aca a bhith dùinte mar àitean adhraidh?