Aonghas Stiùbhart agus an teaghlach a' cur suas a' champa aig Drochaid Charra. Tha structar na teanta na àite. "Bhiodh pòlaichean na teanta air an dèanamh de dh'fhiodh calltainn no uinnseann, no rud sam bith a lùbadh. Chan fheumadh e bhith cho làidir no cho blàth as t-samhradh . . . 's dòcha dìreach a dhà no trì shlatan calltainn. As t-samhradh bhiodh tu a' cur còig slatan air gach taobh. Dh'fheumadh iad a bhith na bu làidire sa gheamhradh nuair a bhiodh gaoth mhòr ann. Bhiodh iad a' cur barrachd shlatan dhan talamh an uair sin. Bhiodh connlach air an làr le dìreach siota air na bhobhstair . . . ach bha teaghlach mòr ann. Bha sinn seachdnar ann."
B' e Gordon Shennan, a bha na neach-sgrùdaidh aig Comann Rìoghail Albannach airson Dìon na Cloinne anns a' Ghàidhealtachd, a thog an dealbh seo. Bha e a' dol air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean na obair. B' e "Fear a' Chruelty" am far-ainm a bha air ach cha robh ceangal sam bith aig an ainm ris mar dhuine oir b' e duine coibhneil, gasta a bh' ann. Fhuair e cliù mar fhear aig an robh ùidh, cha b' ann a-mhàin ann a bhith a' dìon chloinne, ach mar fhear a bheireadh comhairle do phàrantan nuair a bha trioblaidean sòisealta air cùl nan àmhghairean a bha aig daoine. Thàinig Gordon Shennan gu bhith na dheagh charaid do mhòran theaghlaichean am measg nan Siùbhlaichean air sgàth na h-obrach aige.
Ceistean
- Dè bha na Siùbhlaichean a' cleachdadh mar phòlaichean dha na teantaichean agus carson?
- Dè an dòigh anns an robh teanta an t-samhraidh eadar-dhealaichte bho theanta a' gheamhraidh agus carson?
- Cùnnt cia mheud duine a tha anns an dealbh; am buin iad uile do theaghlach Aonghais Stiùbhairt?
- Ciamar a thàinig Gordon Shennan gu bhith na charaid math do Shiùbhlaichean na Gàidhealtachd?


