Am Baile logo Back to the Main site
Image

Na Siùbhlaichean

4. Teanta

priont an duilleag seo

Fear òg le triùir chloinne, dithis dhiubh casruisgte, ann an doras teanta shlatan. Tha teanta an t-Siùbhlaiche na dachaigh choileanta cleas dachaigh sam bith eile. Bhiodh mo mhàthair a' dol timcheall agus a' glanadh. Bhiodh i gar cur dhan sgoil agus a' còcaireachd. Bha a' mhòr-chuid dhe na Siùbhlaichean a' cur dara leth am beatha seachad a' còcaireachd agus a' glanadh dìreach mar a bhios tu a' dèanamh ann an taigh! Agus a' nigheadaireachd! Bhiodh i a' dol timcheall nan taighean leis a' bhasgaid. Bhiodh i a' reic chnagan-anairt a bha m' athair a' dèanamh. Bhiodh i a' dol dha na bùithtean agus a' ceannach barrallan bhròg agus bruisean-fhiaclan saor.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Innis mar a bha na Siùbhlaichean a' dèanamh am beòshlaint.
  2. Dè an dòigh anns an robh am beatha eadar-dhealaichte bho dhaoine ann an taighean?
5. Dòmhnallaich san Eilean