Am Baile logo Back to the Main site
Image

Na Siùbhlaichean

5. Dòmhnallaich san Eilean

priont an duilleag seo

Bha an teaghlach seo dhe na Dòmhnallaich a' dèanamh am beòshlaint a' reic agus a' càradh rudan air an dèanamh à tiona. Tha dithis fhireannach, boireannach agus dithis chloinne nan suidhe air taobh a-muigh teanta. Bhiodh mòran dhe na Siùbhlaichean aig an àm ud a' dèanamh rudan à tiona oir cha robh plastaig ann. Bhiodh iad a' cur a dh'iarraidh nan duilleagan tiona is iarainn a Ghrianaig agus dhèanadh iad cuinneagan, cupannan, soithichean agus mìosan. Bhiodh iad a' dol timcheall nan tuathanasan a' tàthadh."

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Dè an dòigh anns an robh teaghlach nan Dòmhnallach a' dèanamh am beòshlaint?
  2. Carson a bha iad a' cleachdadh tiona airson rudan a dhèanamh?
  3. Càite an robh iad a' faighinn an iarainn is an tiona?
6. Stiùbhartaich is saobh-chreideamh