"Bha mo mhàthair a' creidsinn gu mòr ann an saobh-chràbhadh. Can oidhche Haoine, nam biodh m' athair anns an taigh-sheinnse, cha chìreadh i a ceann no càil mar sin. Bhiodh droch ràth an cois sin. Sa mhadainn, nam biodh m' athair agus mo mhàthair a' trod no càil . . . agus nan canadh iad cuid dhe na h-ainmean uill, b' e sin e an uair sin, bhiodh iad dìreach nan suidhe an sin an còrr dhen latha. Chanadh iad an t-ainm seo (cha chan mi an t-ainm gun fhios nach tachair rudeigin) no fiù 's cuid de bheathaichean - bradan, no nathair . . . bha nathair uabhasach dona! Nan canadh iad am facal nathair, shaoileadh tu gun robh rudeigin a' dol a thachairt dhaibh nan deaghadh iad a-mach às an taigh no gun tigeadh droch rath mar na poileis gan togail no rudeigin mar sin."
Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.
Ceistean
- Thoir iomradh air dà eisimpleir de shaobh-chràbhadh a bha bitheanta am measg nan Siùbhlaichean.


