Am Baile logo Back to the Main site
Image

Na Siùbhlaichean

7. Clann IcUilleim air turas deireannach

priont an duilleag seo

Tha Timothy Neat a' sgrìobhadh mu theaghlach Mhic Uilleim anns an leabhar 'The Summer Walkers' (Dùn Èideann: Canongate, 1996)

An seo chithear teaghlach Mhic Uilleim - Ceit agus a bràithrean Iain agus Peadar à Àird Gaoithe le each is cairt air fear dhe na turasan mu dheireadh a ghabh iad mar seo. Bha iad a' falbh à Innis nan Damh far an robh iad air beagan làithean a chur seachad agus iad air an rathad dhachaigh. Bheireadh an turas a dhà no trì làithean. Chan fhaicear a leithid seo idir san latha an-diugh. Ma bhios duine sam bith a' siubhal, 's ann ann an càr no ann an carabhan 's chan ann le each is cairt no dhen cois.

Leugh an teacsa agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Dè cho fada 's a bheireadh iad a' siubhal eadar Ard Gaoithe agus Innis nan Damh?