Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
 
Na Dealbhan as Fheàrr leinn

Sporghail




barrachd mun dealbh seo

Dh'èirich mòran deasbaid on dealbh seo, agus thug e cuimhneachain air ais gu feadhainn againn. Tha e a' sealltainn clann Inbhir Nis a' sporghail airson an airgid a chaidh a thilgeil thuca aig pòsadh. Cha b'e cleachdadh Gàidhealach a-mhàin a bh'ann, agus tha iomadh dòigh air anns na sgìrean eadar-dhealaichte. Ann an Inbhir Nis, 's e 'sporghail' an t-ainm a th'air. Bha duine à Abhach, beagan mhìltean tuath air Inbhir Nis, aig an robh cuimhne air mar 'scrammie'. Bha duine eile, à Dun Èideann, aig an robh cuimhne pàirt a ghabhail ann an iomadh 'puir-oot' (dòrtadh a-mach). Lorg aon cho-obraiche seòlta na buannachdan maoineachaidh a bh'ann an siubhal timcheall nan eaglaisean gach Disathairne aig aois gu math òg.

Bha co-fhaireachdainn aig feadhainn againn ris an dithis bhalach bheag a bha a' coimhead le farmad fhad 's a bha a' chlann bu mhotha a' toirt leotha na fhuair iad. Ach tha nàire oirnn gum feum sinn aideachadh gun robh feadhainn dhen sgioba againn aig nach robh dragh sam bith mu bhrùthadh seachad air a' chloinn bu lugha...



Tè mu Dheireadh An Ath Thè
 

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2009 Am Baile/The Gaelic Village