|
'S toigh leam an dealbh seo. 'S i an dealbh as fheàrr leam anns A' Bhaile gu lèir. Cha robh fios againn
air dad mu deidhinn nuair a chunnaic sinn i an toiseach, ach bha rudeigin ann am fiamh na h-ìghne a ghlac m'aire. Tha i
a' coimhead cho mì-thoilichte leis an t-suidheachadh agus 's dòcha gun ruith i air falbh on bhalla ann am mionaid
airson rud nas inntinniche a dhèanamh. Tha fios againn a-nis gur e Euna an t-ainm aice agus gur e nighean
òstair à Uibhist a bha innte.
Bha mi a' miannachadh gur e mise an nighean bheag sin le cothrom ruith air falbh on bhalla gu rudeigin iongantach.
|
Thig còmhla rinn air: