Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
 
Na Dealbhan as Fheàrr leinn

Leabhar-là Blane




barrachd mun dealbh seo

Bha an sgioba gu lèir air an dòigh le leabhar-là a' bhalaich bhig seo. 'S e Calum Blane a b'ainm dha agus thòisich e ga sgrìobhadh ann an 1901 nuair a bha e naoi. Chaidh a lorg ann an 1993, air cùl inneal teasachaidh uisge anns an taigh aige ann an Inbhir Narann. Thuirt an tè a lorg e nach do rinn i mòran còmhraidh ris an teaghlach aice airson trì latha air sgàth 's gun robh an leabhar-là a' còrdadh rithe cho mòr agus gun do leugh i e o thoiseach gu deireadh! Ged a tha e uabhasach spòrsail, tha taobh dorcha air leabhar-là Chaluim. Tha sinn ga leughadh le fios gun deach am balach tuigseach, taitneach seo a mharbhadh ann an cogadh aig Blàr Loos ann an 1915, aig aois 23.

Tha tè dhe na duilleagan a tha a' còrdadh rinn gu math a' sealltainn slighean nan trèana eadar Inbhir Nis agus Peairt. Bha ùidh mhòr aig Calum ann an trèanaichean agus na slighean aca, agus tha mòran dhe na mapaichean aige a' sealltainn stèiseanan nach eil ann an-diugh. Tha e cuideachd a' toirt cunntas air mòr-shiubhal tro Inbhir Narann airson crùnadh Eideird VII ann an 1902, le 'baidhsagailean air an sgeadachadh ann an dòigh iongantach...air an sgeadachadh le brataichean agus pàipear eadar-fhighte'. Chuir litreachadh Chaluim iongnadh oirnn agus thug e gàire oirnn gu math tric! 'S urrainn dhuinn leughadh mu thachartasan mòra an riaghaltais ann an leabhraichean eachdraidh, ach tha cunntas leanaibh a chunnaic an rud le shùilean a' faireachdainn mòran nas prìseile.



Tè mu Dheireadh An Ath Thè
 

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2012 Am Baile/The Gaelic Village