Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
 
Na Dealbhan as Fheàrr leinn

Tha sgioba A' Bhaile air a tharraing o iomadh dreuchd - luchd eachdraidh, leabharlannaichean, luchd tasg-lainn, airceòlaichean, eòlaichean choimpiutairean, beothadairean, agus feadhainn nach eil sinn cinnteach mu dheidhinn fhathast! Cha robh mòran againn eòlach air a chèile nuair a thàinig sinn an seo an toiseach, ach cha b'fhada gus an robh sinn air ar beò-ghlacadh leis an obair. Bha sinn gu math dealasach nuair a bha feum air fiosrachadh neo-chumanta a lorg mu leabhar, dealbh no sgrìobhainn.

Dh'innis sinn dha ar caraidean is dha na teaghlaichean againn mu na lorg sinn. Agus nuair a chanadh duine 'Dè an obair a th'agad?, leanamaid iad ag ràdh 'Fuirich, tha e uabhasach inntinneach...' 's iad a' feuchainn ri faighinn air falbh bhuainn. Agus, 's e an fhìrinn a bh'againn. Chòrd e rinn agus bu toigh leinn feadhainn dhe na nithean a ghlac ar n-aire a shealltainn dhuibh, an dòchas gun còrd e ribh mar a chòrd iad rinne.


Tadhail air an Taisbeanadh
 

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2008 Am Baile/The Gaelic Village