Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

How to use this site

Tain Charter, 1529

Stiùireadh air a Bhith a' Rannsachadh Eachdraidh an Taighe Agad

Chan eil e furasta a bhith a' rannsachadh eachdraidh taighe. Mas urrainn dhut, coimhead ri pàipear-tiotail an taighe. Bhon a' bhliadhna 1617, gach uair a dhèigheadh togalach anns an robh luach sam bith a thoirt seachad, bha còir a bhith ga chlàradh ann an Leabhar Clàraidh nan Sasain, agus a rèir sin, bu chòir seilbh an taighe a bhith air ainmeachadh an sin, ach cha bhiodh, nam biodh e na phàirt de dh'oighreachd na bu mhotha. Bho 1781, tha e nas fhasa a bhith a' rannsachadh nan Sasain le na clàran innse a chaidh a chruthachadh.

Bhon bhliadhna 1855, gu 1990, ann an Clàr Luach nan Taighean, thathas a' sgrìobhadh gach bliadhna (suas gu 1975), an neach leis a bheil an taigh, cò a tha a' fuireach ann, an seòladh agus luach gach taigh a dh'fhaodadh a thoirt do dhuine eile. Ma thèid seo a chleachadh an cois Clàr nan Daoine airson nan Taghaidhean, Mapa nan Sràidean agus Clàradh an t-Sluaigh a thathas a' dèanamh gach deich bliadhna (1841-1901), tha e comasach dealbh a dhèanamh air na daoine aig an robh seilbh air an taigh agus an dòighean beatha thairis air na 150 bliadhna mu dheireadh.

Tha fiosrachadh mu thogalaichean anns an sgìre rim faighinn ann am fiosrachadh an Dean of Guild Court a tha ag innse na feum a bhathas a' toirt às gach togalach. Chaidh planaichean togail no ath-leasachaidh fhaighinn bhon Chùirt bho mu 1880-1975. Air an tuath, bha comataidhean nan Comhairlean Ionadail a' gabhail ri planaichean bho 1948.

Tha mapaichean cuideachd a' toirt fiosrachaidh air togalaichean, gu h-àraidh an fheadhainn 62 agus 252 chun na mìle a rinn An Ordnance Survey, a' tòiseachadh ann an 1860. Tha leabhar nan ainmean aca a chaidh an cruinneachadh ann an 1860 ag innse mu na togalaichean. Tha na leabhraichean aig Bòrd nan Cìsean a thòisich ann an 1910 feumail cuideachd. Airson an àm mus robh mapaichean Ordnance Survey ann, bu chòir coimhead airson mapaichean nan oighreachd no mapaichean taca.

Ma tha togalach air a chlàradh, bidh tuairisgeul ann an Roinn Dealbhachaidh na Siorramachd. Ma tha luach eachdraidheil no ailtearachd an lùib an togalaich, bu chòir fiosrachadh a bhith aig Clàr nan Carraighean Nàiseanta, agus aig Coimisean Rìoghail Carraighean Eachdraidheil na h-Alba ann an Dùn èideann.



dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2008 Am Baile/The Gaelic Village